Cànan nan Gàidheal — Lyrics

Scottish Gaelic Secular Folk songs Staff notation

Full Lyrics

1. Cha b'e sneachda's an reothadh bho thuath, Cha b'e'n crannadh geur fuar bho'n ear, Cha b'e'n tuisge is gaillionn bho'n iar, Ach an galar a bhlian bho'n deas. Blàth duilleach, stoc agus freumh, Cànan mo threubh is mo shluaigh. Chorus: Thig thugainn thig co' ruinn gu siar, Gus an cluinn sinn ann cànan nam Féinn; Thig thugainn thig co 'ruinn gu siar, Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gaidheal. 2. Bheir anuas dhuinn na coinnleirean òr, 'S annt’ càraibh na coinnlean geal céir, Lasaibh suas iad an seòmar a'bhròin, Taigh aire seann chànan a'Ghaidheil; 'Se siud bho chionn fhad' thuirt an nàmh, Ach fhathast tha beò Cànan nan Gaidheal. Chorus 4. Ged nach cluinnear anis i 's an dùn, No'n talla nan cliar is nan còrn, Ged tha meòir' Chloinn 'ic Chriomain gun lúths, Bho'n tric fheasgar ciùin dhòirteadh ceòl, Gidheadh, anns na hEileanan Siar 'S i fhathast ann, ciad chàinnt' an tsloigh. Chorus

Download the sheet music

Cànan nan Gàidheal

Cànan nan Gàidheal

Staff
Scottish Gaelic
1 page
0 Downloads
Secular Folk songs
0 0

More lyrics you may want